Dragh mu dhàil air Ospadal ùr a' Ghearasdain
Tha dragh air muinntir Loch Abair nach tèid ospadal ùr a thogail anns a' Ghearasdan - pròiseact air an deach bruidhinn an toiseach fichead bliadhna air ais.
Chuir ceathrar às a sgìre, dotairean nam measg, litir gu Cathraiche Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd agus iad a' faighneachd carson a tha dàil air a' phròiseact.
Ach, mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris, dh'innis am bòrd slàinte gun d'thàinig orra cuid de phròiseactan a chur an dàrna taobh son greis ri linn suidheachadh a' Chorona-bhìorais.