Àireamhan bàis air an A9 suas gu mòr
Tha àrd-oifigearan poilis ag ràdh nach e aon rud a-mhàin bu choireach airson àrdachaidh anns an àireimh de thubaistean bàsmhor air an A9.
Chaill 13 duine am beatha air an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt am-bliadhna - an àireamh as miosa ann an còrr is 20 bliadhna.
Chaidh triùir eile a mharbhadh air an A9 tuath air Inbhir Nis.
Tha an aithris seo aig Fionnlagh MacIllFhinnein.