Eaglais an Ear a' dùnadh
Tha eaglais eachdraidheil eile ann am meadhan Inbhir Nis a' dol a dhùnadh.
Tha 225 bliadhna bhon a dh'fhosgail Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh, ach coltach ri iomadach eaglais eile tha ballrachd a' crìonadh agus cosgaisean ag èirigh.
Aonaichidh an co-thional ri Eaglais na h-Innseagan air taobh sear a' bhaile air an ath mhios.
Tha an aithris seo aig Pàdraig MacAmhlaigh.