WIIGA ag amas air fàs a thoirt air goilf nam ban
Thèid sgioba WIIGA a riochdachadh ann am farpais goilf nam ban airson a' chiad turas riamh aig Geamannan nan Eilean ann an Guernsey.
'S i Sìne NicNeacail an aon tè a bhios ann - agus i a' siubhal ann an oidhirp boireannaich nan eilean a bhrosnachadh a dhol an sàs.
Tha dòchas ann gun cuidich seo ann a bhith a' cur sgioba cheart ri chèile airson Gheamannan Arcaibh an ceann dà bhliadhna.
Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris.