Iomairt an Screen Machine

Tha clann-sgoile ann am Barraigh air taic shònraichte iarraidh nan iomairt gus an Screen Machine a ghlèidheadh.

Sgrìobh iad litir dhan bhana-chleasaiche, Dame Judi Dench, agus iad a'feuchainn ris an taigh-dhealbh air cuibhlichean a shàbhaladh.

Às dèidh 25 bliadha tha an Screen Machine ann an staing agus an seann charbad air tighinn gu deireadh a beatha.

Thathas a tomhas gun cosgadh e faisg air £1.5m carbad ùr fhaighinn na àite.

Seo Shona NicDhòmhnaill.