Iomairt mu fo-stèisean dealain ann an Leòdhas
Tha comhairlichean eileanach a' cur ìmpidh air a' chompanaidh chumhachd SSEN beachdachadh a-rithist air na planaichean aca airson fo-stèisean dealain ùr air iomall Steòrnabhaigh.
Tha a' chompanaidh air làrach air iomall Steòrnabhaigh a chomharrachadh air a shon.
Ach tha luchd-còmhnaidh faisg air làimh mì-thòilichte agus an-diugh dh'iarr comhairlichean air a' chompanaidh làrach ùr a thaghadh.
Seo Eilidh NicLeòid.