A' bhuidheann-iomairt SOS-NHS a' togail fianais am Port Rìgh
Tha ceannard agus cathraiche NHS na Gàidhealtachd a' coinneachadh ris a' bhuidhinn-iomairt SOS-NHS ann am Port Righ Diluain.
Bha a' bhuidheann a' caismeachd agus chum iad coinneamh phoblach sa bhaile 's iad a' togail fianais mu sheirbheisean slàinte san sgìre.
Tha iad ag ràdh nach deach molaidhean Sir Lewis Ritchie a chur an gnìomh fhathast mar bha còir, gu sònraichte na molaidhean a thaobh àireamh leapanan agus cùram èiginneach aig an ospadal.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris.