"Gun an cothrom seo sa Chill Bhig cha bhiodh e comasach dhomh gluasad dhachaigh"

- Air fhoillseachadh
Mar gu leòr de dh'eileanaich òga a tha air beatha a dhèanamh aig deas, bha miann an-còmhnaidh aig Ruairidh Greumach tilleadh dhachaigh.
Is mar gu leòr de dh'eileanaich òga aig deas, bha staing mhòr an taigheadais air a' Ghàidhealtachd a' fàgail gun robh e cha mhòr do-dhèanta dha dòigh fhaighinn tilleadh gu eilean àraich.
Bha Ruairidh, à Breacais ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, air gluasad bho thùs gus an ceum oilthigh aige a chleachdadh is gach cothrom aig an àm anns na bailtean mòra.
Ged a chùm e sùil air taighean air ais san eilean, 's e glè bheag de dhòchas a bh' aige gum faigheadh e àite.
"'S e wheelie bin an aite taigh a b'urrainn dhomhsa ceannach leis na seòrsa phrìsean a th' air a bhith ann," dh'innis Ruairidh do BBC Naidheachdan.
"Cha do thuig mi an uairsin gun robh prìsean thaighean a' dol a dhol am meud cho àrd is gun deach iad anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
"S e faireachdainn a bh' agam gun robh mi air mo ghlasadh a-mach," tha e ag ràdh.
Ach tha Ruairidh a-nise air ais san Eilean Sgitheanach is e am measg na tha air fear de na taighean ùra fhaighinn ann an leasachadh na Cille Bige ann an Slèite.

Ruairidh a' fàgail soraidh slàn aig Glaschu
Tha còrr is deich bliadhna ann bho thòisich obair air a' chiad ìre den pròiseact airson baile ùr a stèidheachadh san sgìre le cothrom aig daoine dachaigh fhaighinn aig prìs reusanta.
'S e com-pàirteachas a tha air a chùl, le Sabhal Mòr Ostaig os a chionn, is le taic bho Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd, is companaidh togail James MacQueen.
Chaidh fosgladh oifigeil a dhèanamh san t-Sultain air 17 taighean sa bhaile.
Tha Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan ag ràdh gu bheil iarrtasan gan sireadh fhathast airson dà thaigh, ach gu bheil an còrr de na h-àitichean a-nise air an reic no an leigeil a-mach air màl.
Tha Ruairidh ag ràdh gur e pròiseact a th' ann a tha air a bheatha atharrachadh is e a-nise san taigh ùr aige, far am bi a bhràthair Magnus cuideachd a' fuireach.
"Chuir mi oidhche no dhà seachad san taigh is 's ann an uairsin a thuig mi gun do rinn mi an rud ceart. Bha e a' faireachdainn gun robh mi air ais dhachaigh," thuirt Ruairidh.
"Gun an cothrom seo sa Chill Bhig, cha creid mi leis an fhìrinn gum biodh e comasach dhomh gluasad dhachaigh.
"Cha robh e soilleir dhomh dè an dòigh a b' urrainn dhomh dèanamh airson faighinn dhachaigh agus dè seorsa obair a bhiodh agam airson pàigheadh morgaids, fiù 's nam bithinn a' dol airson taigh aig na prìsean a th' ann."
Thathas ag amas gur i a' Ghàidhlig a bhios ga bruidhinn mar chànan na coimhearsnachd sa Chill Bhig, ged a tha duilgheadasan laghail ann le sin a chur an sàs.
Tha Ruairidh ag ràdh gur e rud eile a bha seo a bha gu math tarraingeach dha is fios aige gu bheil feadhainn eile le Gàidhlig a' fuireach timcheall air.

Màrtainn Munsie agus Ashley
Nam measg tha Màrtainn Munsie, Sgitheanach eile a tha air cothrom fhaighinn tilleadh dhachaigh air sgàth leasachadh na Cille Bige, is e fhèin is a chèile Ashley air taigh a cheannach.
'S ann à Beàrnasdal a tha Màrtainn agus 's e a tha toilichte a bhith air ais san eilean, fiù 's ged a tha e sa cheann a deas an Slèite, is e fhèin is Ashley air gluasad à Rinn Friù.
Dhaibhsan cuideachd tha a' Chill Bheag air doras fhosgladh.
"Cothrom nach fhaigheadh tu às aonais," thuirt Màrtainn, is e ag ràdh nach robh dùil aige gum faigheadh e cothrom tilleadh dhachaigh gus am biodh e 50 no 60.
"Tha e doirbh taigh a cheannach co-dhiù. Tha Glaschu doirbh is tha tro Alba doirbh, ach an t-Eilean Sgitheanach....tha e doirbh daoine òga a chumail.
"Rudan mar seo, 's urrainn do dhaoine tighinn air ais is 's urrainn do dhaoine fuireach.
"Tha e gu math cudromach dhuinne".
Alasdair MacLeòid ag àithris às a' Chill Bhig
Tron sgeama a chleachd Màrtainn is Ashley tro Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, fhuair iad airgead far prìs an taighe.
Chan urrainn dhaibh an taigh a reic gun a dhol tron Urras is a' chiad chothrom acasan air an taigh a cheannach.
Tha an cupall gu math toilichte le sin.
"Tha iad a' dèanamh sin gus an urrainn dhaibh an taigh a chumail sa choimhearsnachd is tha mi a' smaoineachadh gur e idea math a th' aca," thuirt Màrtainn.
"Ma tha cuideigineach eile nam bhrògan ann an còig no deich bliadhna, bhiodh e math cuideigineach eile fhaighinn dhachaigh is rathad dhan eilean a thoirt dhaibh."
Mar thà, tha e ag ràdh, tha e a' faighinn barrachd chothroman cuideachd gus a' Ghàidhlig a chleachdadh na bha nuair a bha a' fuireach aig deas.
"Bha mi a' faireachdainn gu math meirgeach. Tha mi air a bhith dhachaigh greis bheag is tha e beagan nas fhasa - tha mi a' cuimhneachadh faclan!"

Kimberley Roxburgh le Rua agus Luna
Chan e dìreach Sgitheanaich òga a tha air tilleadh chun na Gàidhealtachd is a tha a-nise air dachaigh a dhèanamh sa Chill Bhig.
'S ann à sgìre Loch Aillse a tha Kimberley Roxburgh bho thùs ach bha i fad beagan bhliadhnaichean a' fuireach ann an Lunnainn is Dùn Èideann.
Tha àite aice air màl a-nise sa Chill Bhig.
Coltach ri Màrtainn, tha i a' cur fàilte air cothrom taigh fhaighinn san Eilean Sgitheanach is faisg air a teaghlach, is air cothrom Gàidhlig a bhruidhinn tric.
"Bha mi airson an t-àite agam fhèin fhaighinn is cha robh tòrr ri fhaighinn.
"S e saoghal an luchd-turais a th' ann is bha mi a' smaoineachadh gur dòcha gun dèanainn plana a bhith a' dol air ais gu Dùn Èideann ach bha mi gu math fortanach is tha mi taingeil."
Tha i cuideachd air a dòigh gu bheil cothrom aice na coin aice Rua agus Luna a chumail san dachaigh ùir, is a h-uile coltas ann gu bheil iadsan a cheart cho toilichte 's a tha i fhèin.
Ged nach robh iad a' fuireach ann fada sam bith, tha luchd-còmhnaidh ùra na Cille Bige uile ag ràdh gu bheil e a' faireachdainn mar-thà gu bheil coimhearsnachd ann.
Chan eil a dhìth orra a-nise, tha e coltach, ach taigh-cèilidh.
"Chan e seo an taigh-cèilidh fhathast," tha Màrtainn ag ràdh le gàire.
"Chanainn gur e taigh Ruairidh a bhios ann!"
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An t-Sultain 2024