A' Chill Bheag ga tòiseachadh
- Air fhoillseachadh
![Sabhal Mòr Ostaig](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/304/mcs/media/images/73335000/jpg/_73335196_dscf2624.jpg)
Thèid an leasachadh a thogail ri taobh Sabhal Mòr Ostaig.
Tòisichidh a' chiad ìre de leasachadh airson baile ùr na Cille Bige ann an Slèite a thogail Diluain.
Tha an dà chuid Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Chloinn Dòmhnaill an sàs sa phròiseact, le planaichean 'son ceud taigh ùr le iomadh seirbheis is goireas sa Chill Bhig.
Chaidh fiosrachadh a bharrachd mun chiad ìre a sgaoileadh madainn Diluain aig Àrainn Ostaig an t-Sabhail.
"'S e seo a' chiad là a bhios luchd-togail ag obair air an làraich gu foirmeil, thuirt Prionnsabal an t-Sabhail Mhòir, Boyd Robasdan.
"Tha iad air campa a stèidheachadh mar thà, ach 's e seo a' chiad là oifigeil de leasachadh na Cille Bige.
"Tha dà phàirt anns an leasachadh seo.
"Tha pàirt bun-structair, far a bheilear a' cur a-steach sheirbheisean mar uisge, òtrachas, dealan 's rudan mar sin, ach cuideachd rathaidean, agus rèiteachadh na talmhainn airson an leasachaidh air fad.
"An dàrna eileamaid dheth, 's e togalach ùr dhan t-Sabhal fhèin. Togalach anns am bi dà làr, agus meudachd còrr is mìle meatar ceàrnagach.
"Bidh sin suidhichte faisg air an t-seann Àrainn Ostaig fhèin, agus bidh e a' tighinn a rèir coltas an t-seann togalaich.
"Bidh cuideachd rùmanan teagaisg ann, bidh oifisean ann, bidh ionadan-obrach ann, 's gabhaidh e 30 neach uile gu lèir, 's bidh 20 dhiubh sin a' gluasad às an t-seann togalach, às an t-seann Shabhal fhèin, agus bho na togalaichean geàrr-ùine.
"Bidh ochd obraichean ùra cuideachd air an cruthachadh anns an ionad ùr," thuirt e.