Sgeama taigheadais ùr na Cille Bige ga fosgladh gu h-oifigeil

Rathad MhicGuaireTùs an deilbh, Skye Commercial Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh 17 taighean rim faighinn aig prìs reusanta no air màl reusanta

  • Air fhoillseachadh

Thèid sgeama taigheadas ùr ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich fhosgladh gu h-oifigeil le Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, Dihaoine.

'S e seo an dàrna earrann den sgeama anns a' Chill Bhig, anns am bi 17 taighean rim faighinn aig prìs reusanta no air màl reusanta.

Chaidh an sgeama a chur air adhart le Sabhal Mòr Ostaig, a tha ag obair ann an compàirteachas le Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus Companaidh Togail Sheumais MhicCuinn Eta.

Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gur e seo a' chiad bhaile de a sheòrsa, a bha air a phlanadh, a chaidh a thogail anns an Eilean Sgitheanach airson còrr is 100 bliadhna.

Bidh sia de na taighean gan cur a-mach air mhàl le Comhairle na Gàidhealtachd, agus bidh 11 taigh ri fhaighinn aig prìs reusanta le Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, An Dr Donaidh Rothach, gu bheil a’ Chill Bheag: "mar shamhla soilleir air rùn is amasan farsaing Sabhal Mòr Ostaig a thaobh a bhith a’ toirt ath-nuadhachadh air cùisean sòisealta agus eaconamach agus ath-bheothachadh air cànan, cultar agus coimhearsnachdan nan Gàidheal."

“Tha e na amas dhan phròiseact taigheadais seo gum bi a’ Ghàidhlig agus a cultar aig cridhe chùisean, agus tha e na eisimpleir fìor mhath de na ghabhas dèanamh tro chompàirteachasan coileanaidh ro-innleachdail sa bheil na roinnean poblach is prìobhaideach, urras taigheadais agus luchd-seilbh fearainn an sàs, agus iad uile ag obair còmhla a chum maith an t-sluaigh," thuirt an Dr Rothach.

TaighTùs an deilbh, Skye Commercial Photography

Fhuair na dachannan teaghlaich agus na taighean a tha freagarrach do dhaoine ciorramach taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba an lùib ghrantaichean 'son taigheadais aig prìsean reusanta.

Thuirt Ministear an Taigheadais, Pòl MacIlleFhinnein, gun robh e air a dhòigh gun deach crìoch a chur air an sgeama seo.

“Fhuair an leasachadh taic de luach còrr air £1.2m bho Phrògram Riaghaltas na h-Alba airson Solar Thaighean aig Prìs Reusanta.

"An lùib sin bha ar Maoin airson Taigheadais Dhùthchail agus Eileanaich – a tha air a stiùireadh a rèir iarrtais. Tha an leasachadh a’ toirt seachad fìor mheasgachadh de thaighean de dh’àrd-chàileachd aig prìs reusanta," thuirt am Ministear.

Tha 19 dachaighean is làraichean taigheadais aig prìs reusanta uile gu lèir sa Chill Bhig, a tha ri taobh Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.

Bun-structar

Bidh obair a' tòiseachadh tràth an ath-bhliadhna airson measgachadh de dhusan taigh is làrach-taighe a thogail is a stèidheachadh.

Agus mar phàirt den leasachadh sin, tha dùil gun tèid goireasan agus bun-structar a stèidheachadh a bheireadh cothrom dhan sgeama naoi taighean eile a thogail san àm ri teachd.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Taigheadais aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Glynis Chaimbeul Nic na Ceàrdaich gun robh an t-ùghdarras air leth toilichte taic a thoirt don phròiseact seo.

"Le bhith a’ togail thaighean ùr-nòsach a tha cofhurtail, nach eil ro dhaor a theasachadh, sam faod daoine fuireach gun chosgaisean ro àrd agus a tha sùbailte gu leòr gus frithealadh air feumalachdan eadar-dhealaichte, cuidichidh sin gu mòr le bhith a’ cur às de na cnapan-starra a tha gu tric ro choimhearsnachdan dùthchail.

"Bidh iad seo mar bhun-stèidh math airson coimhearsnachd na Cille Bige a dh’fhaodas a bhith a’ fàs agus a’ cur ris a’ bhunait seo," thuirt an Comh. Chaimbeul Nic na Ceàrdaich.