Cuid tàmailteach gun dùin balla-sreap an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
SreapTùs an deilbh, Getty Images

Nochd dragh ann an Inbhir Nis gum bi e ro dhaor dha feadhainn a dh'aithghearr a bhith a' dol an sàs ann an spòrs sreap sa bhaile.

Tha balla-sreap an-dràsta ann an ionad spòrs Highlife Highland, a tha leis a' chomhairle, aig Pàirc a' Bhucht.

Ach dùnaidh sin nuair a dh' fhosglas The Ledge, ionad sreap ùr an Inbhir Nis, timcheall air deireadh na h-ath-mhìos.

Tha Highlife Highland ag ràdh nach eil airgead aca airson ùrachadh agus an t-àite a chumail fosgailte thairis air na bliadhnaichean ri teachd.

Thuirt luchd-iomairt ge-tà gum fàs sreap cho cosgail 's nach tèid cuid an sàs ann.

Chuir còrr air 1,500 duine air an ainmean ri athchuinge an aghaidh a' phlana aig Highlife Highland.

Chan eil na daoine a bhios a' ruith The Ledge air càil a ràdh mun t-suidheachadh.