Naidheachdan 11:00m
Crìonadh
Bha crionadh 0.1% ris nach robh dùil ann an eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte san Fhaoilleach. Bha eòlaichean a' sùileachaadh fàs beag. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gu bheil roinn na tionnsgalachd slaodach agus thuirt ceannardan gnothachais gur e mì-chinnt mu chìsean taraif as coireach. Tha na Tòraidhean ag ràdh gu bheil na Làbaraich a' mùchadh na h-eaconamaidh.
An Seansailear
Tha an Seansalair, Rachel Reeves, ann an Alba an-diugh a' foillseachadh £2bh de thaic do ghnìomhachas an dìon. Tha i a' cur ris an t-suim iasaid airson armachd a cheannach bho chompanaidhean Breatannach.
An Ucràin
Tha teagamh ann mu fhosadh sa chogadh san Ucràin an dèidh dhan Cheann-suidhe Putin innse dè dh'iarradh esan mus gabhadh e ri aonta. Thuirt Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, gu bheil Vladimir Putin a' feuchainn ri brath a ghabhail air an t-suidheachadh agus dh'iarr e air dùthchannan an iar tuilleadh smachd-bhannan a chur air an Ruis.
Màiri Gougeon
Dh'innis ball eile ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rùnaire nan Cùisean Dùthchail Màiri Gougeon, nach seas i ann an taghaidhean Holyrood an ath-bhliadhna. Tha ise air a bhith a' riochdachadh sgìre Aonghais a Tuath agus na Maoirn dhan SNP airson deich bliadhna. Tha còrr 's 25 ball, na seann phrìomh mhinistearan Nicola Sturgeon agus Humza Yousaf nam measg, a dh'innis ron seo gu bheil iad a' seasamh sìos.
Rannsachadh Covid
Tha a' Bhana-Mhorair Mone agus an duine aice, Doug Barrowman, a' cumail a-mach gu bheil Rannsachadh Covid a' cleith fiosrachaidh às leth na stàite. Chaidh cead a dhiùltadh dhaibhsan an dàrna turas pàirt oifigeil a ghabhail san rannsachadh. Fhuair a' chompanaidh aig Mgr Barrowman luach £200m de chùmhnantan airson èideadh PPE an dèidh dhan Bhana-Mhorair Mone a' chompanaidh a mholadh don Riaghaltas. Bheireadh pàirt oifigeil cead dhan dithis fianais iarraidh agus a thoirt dhan rannsachadh.
Lagh Anna
Tha fear a bha na chomhairliche san Eilean Sgitheanach, John Gordon, a' gearan air cho beag adhartais 's a th' ann an còraichean tadhail air daoine ann an dachaighean-cùraim aig àm pandemic agus an leithid. Chaochail athair-san le Covid air ann an Dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh ann an 2020. Bha Lagh Anna, Anne's Law, gu bhith ann ann Seirbheis Cùraim Naiseanta ùir ach chuir Riaghaltas na h-Alba às den phoileasaidh sin aig toiseach na bliadhna. Thuirt an Riaghaltas gum bi iad a' cur nam pàirtean as cudromaiche den lagh ann an reachdas ùr.