Jim Fairlie: "Riaghaltas a-nise ag èisteachd ri sgìrean dùthchail"

Fo-thiotal a’ bhidio,

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Ministear an Àiteachais ann an Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad "a-nise ag èisteachd ri sgìrean dùthchail na h-Alba".

Bha Jim Fairlie a' bruidhinn is e air thuras a Leòdhas is na Hearadh Dihaoine is e a' trusadh bheachdan mu Bhile ùr na Croitearachd a th' air fàire.

Chaidh a chur ri Mgr Fairlie gun robh connspaid mu sgìrean HPMA agus atharrachadh ann an riaghailtean mu stòbhaichean a' sealltainn nach robh an Riaghaltas ag èisteachd ri daoine ann an sgìrean dùthchail.

Ghèill an Riaghaltas air an dà cheist sin.

Dh'aidich Mgr Fairlie gun robh iad air a dhol ceàrr, ach thuirt e gu bheil caibineat an là an-diugh deiseil is deònach èisteachd ri beachdan dhaoine.

"Chan eil casaidean nach eil sinn ag èisteachd ri sgìrean dùthchail fìor a-nise," thuirt Mgr Fairlie.

"Tha sinn air gluasad air adhart. Tha rudan a thachair - nach robh 's dòcha san àite cheart - air atharrachadh.

"Bha againn ri guthan nan daoine a chluinntinn, sin an rud as èisle tha mi a' smaointinn".

Thuirt Mgr Fairlie cuideachd nach dèan bile ùr croitearachd leis fhèin gu leòr 'son daoine òga a chumail ann an sgìrean dùtchail.

"Mar as motha tha mi a' cluinntinn, tha mi a' smaointinn gu bheil obair gu math nas motha romhainn," thuirt e.