Slige an Glen Sannox air a sgàineadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh an MV Glen Sannox, am bàt'-aiseig as ùire aig CalMac, a thoirt a-mach à seirbheis ri linn sgàin na slige.
Cha deach a cur ann an seirbheis ach bho chionn dà mhìos, eadar an Truthail agus Eilean Arainn.
Tha sgioba dhàibhearan a' dol a thoirt sùil oirre Disathairne.
Mhair an obair gus a togail seachd bliadhna nas fhaide na bha còir, agus iomadh maill is àrdachadh cosgais air tighinn air a' phròiseact aig Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh.
Tha i a-nis ris a' chidhe ann an Arainn agus tha an MV Alfred a' dèanamh seòlaidhean a bharrachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 13 uairean