Factaraidh mhòr ùr dhan Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Tuath-gaoitheTùs an deilbh, Getty Images

Togaidh companaidh Iapanach factaraidh mhòr air a' Ghàidhealtachd far an tèid càballan-dealain a dhèanamh.

Nì Sumitomo Electric a tha stèidhichte ann an Osaka, na càballan airson crainn-ghaoithe aig muir a cheangal ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha iad a' cur romhpa an fhactaraidh fhosgladh ann an 2026 ach chan eil fhios aig an ìre seo càite an tèid a stèidheachadh.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh agus Rùnaire Eaconomaidh agus Cumhachd na h-Alba, Niall Gray, air cuairt trì là gu Iapan.

Tha a' chompanaidh air càballan a dhèanamh mar thà airson cheangalaichean eadar Sasainn agus a Bheilg agus òrdain aca cuideachd airson chàballan a thèid eadar Èirinn agus an Rìoghachd Aonaichte agus airson phròiseactan sa Ghearmailt.

Taic

Chan eil e soilleir dè an taic a thàinig bho Riaghaltas na h-Alba airson a' chompanaidh a thàladh ach thuirt iad gun robh iad ag obair gu dlùth le Leasachadh Alba Eadar-Nàiseanta agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson àite fhaighinn do Sumitomo ann an Alba.

Thuirt Mgr Gray gun robh an naidheachd seo bho Sumitomo a' sealltainn cho misneachail 's a tha luchd-tasgaidh airgid anns a' phlana aca airson eaconomaidh a tha a' cothromachadh càrboin.

"Tha deagh eòlas aig a' chompanaidh air a bhith a' dèanamh chàballan-dealain le voltaids àrd a tha a' dol fon talamh, agus bidh seo fìor mhath ann a bhith a' cur ris an leudachadh ann an roinn a' chumhachd ghaoithe far-thìre an seo an Alba," thuirt Mgr Gray.

Thuirt Ceann-Suidhe Sumitomo, Osamu Inoue, gun robh iad air leth toilichte a bhith ag obair còmha ri Rùnaire a' Chaibineit airson factaraidh shnasail ùr a thogail an Alba airson chàballan fon mhuir.

"Tha an teicneòlas againn a tha a dhìth airson leasachaidhean a nì ar n-àite nas fheàrr dhan àrainneachd agus obraichidh sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus buidhnean eile air pròiseactan cumhachd gaoithe far-thìre san sgìre san àm ri teachd," thuirt Mgr Inoue.