Poilis a' sgrùdadh an dèidh bàs trì ealachan-bàna

Eala-bhànTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh an dèidh mar a fhuaireadh trì ealachan-bàna marbh ann an Gleann Seile air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh na h-eòin a lorg le ball den phoball air oir rathad an A87 sear air Taigh-Òsta Chluainidh.

Thuirt Poileas Alba gur ann Diaordaoin an 6mh den Mhàrt a fhuaireadh na h-eòin, ach gur ann an-dràsta fhèin a tha iad a' sireadh fiosrachaidh mu na thachair.

Thuirt am feachd nach robh fios aca aig an ìre seo gu dè a bu choireach ri bàs nan eun.