Iomairt 'son fearann an Ùig a chur fo shealbh phoblach a' gluasad air adhart

Tràigh ann an ÙigeTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Leasachaidh Sgìre Ùig' ann an Leòdhas air buidheann-obrach a chur air bhonn airson an obair gus Oighreachd Ùig' agus Thamnabhaigh a cheannach às leth na coimhearsnachd a ghluasad air adhart.

Tha an talamh an-dràsta fo stiùir an uachdarain phrìobhaidich, Iain Scar Hall, leis a bheil cuideachd Oighreachd Mhorsgail agus na h-Àirde Bige ann an Leòdhas agus Caisteal Amhuinnsuidhe sna Hearadh.

Tha an oighreachd ag ràdh nach eil am fearann air a' mhargaidh.

Thuirt ball den Urras, Calum MacIllEathain, nach eil ann ach toiseach tòiseachaidh agus gun toir an obair bliadhnaichean 's dòcha a thoirt gu buil.

Thuirt e gur e a' chiad rud a tha fa-near dhaibh rannsachadh a dhèanamh feuch dè an ro-innleachd a bhios aca.

"Tha sinn a' toirt sùil air laghan an riaghaltais agus dè ghabhas ionnsachadh bho oighreachdan eile far a bheil coimhearsnachdhan air a dhol air adhart leis an seo roimhe," mhìnich e.

Thuirt e gu bheil iad mu thràth air taic agus stiùireadh fhaighinn bho dhaoine a th' air a bhith an sàs ann a bhith a' ceannach fearainn às leth na coimhearsnachd.

Calum MacIllEathain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Calum MacIllEathain a' gabhail ris gum faodadh gun toir e ùine mhòr an t-amas aca a choileanadh

"Tha e comasach dhuinn a bhith gu math foighidinneach," thuirt e.

"Chan eil sinn air aontachadh gu bheil sinn a' dol a dhèanamh seo ann am bliadhna, no dà bhliadhna; chì sinn dè thig a-mach às an rannsachadh."

Aig an ìre seo thathas a' tuigsinn nach eil an t-uachdaran airson an oighreachd a reic ri muinntir na sgìre.

Thuirt manaidsear Oighreachd Ùig' is Thamnabhaigh, Innes Moireasdan, nach do bhruidhinn iad fhathast ri riochdairean na coimhearsnachd.

"Chan eil an oighreachd air a' mhargaidh agus tha sinn le rùn an oighreachd a ruith agus a leasachadh a chùm math Ùige agus na coimhearsnachd," thuirt e.

Thuirt Calum MacIllEathain: "Tha sinn a' feuchainn ri bhith cho càirdeal 's a ghabhas ris an oighreachd agus còmhradh fhosgladh leotha agus chì sinn dè thig a-mach às an sin."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Criomag bhon agallamh le Calum MacIllEathain