Lia Fàil deamocrasaidh Aimeireaganaich - leac Uibhisteach

Chaidh an leac a chleachdadh mar bhun-stèidh shamhlachail tiodhlaic phàrlamaidich bho Bhreatainn gu na Stàitean Aonaichte ann an 1976
- Air fhoillseachadh
Dè an ceangal eadar Àird a' Mhachaire ann an Uibhist a Deas agus Washington sna Stàitean Aonaichte?
Tha pìos cloiche sònraichte, a tha air a chleachadh airson lethbhreac den Mhagna Carta a thaisbeanadh ann an togalach a' Chapitol.
Chaidh an leac a thoirt far a' chladaich aig Àird a' Mhachaire.
Pìos den chloich as sine san t-saoghal - pegmatitic gneiss - de bheil mòran de na h-Eileanan Siar air a dhèanamh. Bunait sheasmhach, bhuan, do na prionnsabalan a tha air an riochdachadh anns a' Mhagna Carta.
Bha dùil aig an àm gun robh Aimeireaga agus Breatann uaireigin air an ceangal ri chèile, 's gun do dhealaich iad le gluasad phlèitichean teactonaig na Cruinne. Cha eil sin fìor ge-tà - mar a gheibh sinn a-mach fhathast.
Mar sin, bhathas a' coimhead gun robh an aon chlach mar bhun-stèidh chumanta don dà dhùthaich, dh'fhaodadh tu a ràdh, gu samhlachail - agus leis a' Mhagna Carta, gu poilitigeach cuideachd. Bha an dealachadh creag-eòlasach cuideachd a' samhlachadh an dealachaidh phoileataigich a thachair ann an 1776.
Runnymede
Làmh-sgrìobhainn cho cudromach 's a th' ann an eachdraidh Shasainn - agus, le leudachadh na h-eachdraidh, ann an eachdraidh Bhreatainn - a th' anns a' Mhagna Carta, a tha a' cuingealachadh nan cumhachdan a th' aig an Rìgh, 's a' stèidheachadh nan còraichean a th' aig na daoine cumanta.
Spar barainnean Shasainn air an Rìgh John ainm a chur ris a' Mhagna Carta aig Runnymede air bhruach a deas Abhainn Thames ann an 1215 - gu mòr dha aindeoin, an dèidh aramach.
Cha robh an Rìgh os cionn an lagha tuilleadh, 's bha an lagh stèidhichte mar chumhachd ann fhèin.
Tha mac-samhail dheth ann an cèis shònraichte a fhuair Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a dhèanamh mar thiodhlac airson 200 bliadhna de neo-eisimeileachd Aimeireaganaich a chomharrachadh ann an 1976.
Tha e an-diugh na laighe air pìos de dh'Uibhist, ann an cridhe dheamocrasaidh nan Stàitean Aonaichte.
Cha robh an gibht cho fàbharach do chuid a bha an sàs ann ge-tà.

B' e an neach-ealain Louis Osman a rinn an tiodhlac
B' i an creag-eòlaiche Jean Archer a rannsaich an sgeulachd, an dèidh dhi tighinn tarsainn air criomag mu dheidhinn anns an leabharlainn ann an Lìonacleit.
"Chaidh an stuth a th' anns a' bhunait den ghibht phàrlamaideach dhan Chòmhdhail, de leth-bhreac den Mhagna Carta, fhaighinn bhon phegmatitic gneiss aig Rubha Àird a' Mhachaire," thuirt i.
"Bha iad mar phàirt de choimpleacs an Lewisian Gneiss - nach robh uile gu lèir glas is strìanach, no le ìrean.
"Bha srìanan pionc eagsamhail air am fighe a-steach dhan chreig.
"Cha b' e srìanan pionc a-mhàin a bha seo - b' e srìanan pionc air leth cudromach a bh' annta, oir thachair gun robh iad nam pàirt den chreig as sine den t-seann chreig," thuirt i.
Cha b' e tuiteamas a bh' ann gun deach a' chlach seo a thaghadh a bharrachd.
"Bha an duine a chaidh a choimiseanadh airson a' chèis-thaisbeanaidh a dhèanamh, Louis Osman, caran tuigseach a thaobh creag-eòlais," thuirt Jean.
"Bha esan a' tuigsinn gun robh na creagan an seo nam pàirt de dh'Aimeireaga a Tuath a chaidh a bhriseadh dheth bho chionn 60,000,000 bliadhna no mar sin.
"Bha sin air leth samhlachail - gun robh dàimh an seo, gun robh ceann a tuath Aimeireaga air a bhith ceangailte ri Breatainn, 's an uair sin gun deach an dealachadh," thuirt i.

'S i an creag-eòlaiche Jean Archer a rannsaich an sgeulachd
B' e a' chompanaidh Uist Builders a thog a' chlach far a' chladaich.
"B' e rud mòr a bh' ann dha m' athair 's dhan teaghlach," thuirt Stephen Peteranna, mac DJ Peterana, leis an robh a' chompanaidh aig an àm, 's a chunnaic a' chlach ga togail.
"Bha beagan againne an làthair a' coimhead fhad 's a bha iad a' feuchainn.
"Dh'fheuch iad turas no dhà mus deach aca air a togail an cùl na làraidh," thuirt e.
Chaidh DJ a choimhead an tiodhlaic dha fhèin.
"Thug e buaidh air. An obair a rinneadh air, 's mar a bha e air a taisbeanadh.
"Saoilidh mi gum faca esan i an dèidh dhi a bhith air a gluasad a-steach dhan àite ris an canadh iad "an cript".
"Bha e moiteil às a faicinn an sin, 's bha e moiteil pàirt de dh'Uibhist fhaicinn aig cridhe an t-Saoghail Shaoir, ma tha thu airson a chur mar sin," thuirt e.
£1,000
B' e obair le inbhe, seach ionmhas, a bh' ann dha DJ Peteranna ge-tà, air a' cheann thall.
"Cha tàinig pàigheadh air a son riamh," thuirt Stephen.
"Chaidh cunntas a chur thuca, beagan gann air £1,000 saoilidh mi, aig an àm sin.
"Chaidh am BP ionadail againn, Dòmhnall Stiùbhairt, air tòir a' phàighidh aig an àm, ach cha d' fhuair e a dh'àite leis.
"Chaidh e mun cuairt 's mun cuairt ach cha deach a phàigheadh riamh - le Riaghaltas Bhreatainn.
"Uist Builders aig an àm, bha 's dòcha nas lugha na dusan duine ag obair aca. Aon làraidh.
"B' e buille a bh' air a bhith ann, gun teagamh."

Tha an tuigse a th' ann air bunait na cloiche air atharrachadh bhon uair sin cuideachd.
Cha robh Uibhist riamh ceangailte ri Aimeireaga.
Bha ge-tà, ri eilean eile, anns a bheil ùidh an-diugh aig fear le ceangal ris na h-Eileanan Siar, an Ceann-Suidhe Trump, a rèir Jean Archer.
"'S e an tuigse a th' againn an-diugh, an dèidh rannsachaidh mhionaidich air co-chur nan creagan an seo ann an Uibhist, agus anns a' Ghraonlainn, gur e dha-rìribh bloigh bheag den Ghraonlainn, seach Aimeireaga a Tuath, a th' ann an Uibhist."