Thàinig leudachadh còrr 's 100 heactair air na tha de chroitean bho 2019

Croitean air bruachan Loch BhraoinTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh 111 heactairean de thalamh croite a chruthachadh sna sia bliadhna mu dheireadh a rèir dàta a chruinnich Coimisean na Croitearachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil seo cho mòr ri meud còrr is 140 pàircean ball-coise.

Bha àrdachadh mòr - 95.4 heactairean - ann an 2024.

Thuirt an Coimisean gu bheil an leudachadh a' dearbhadh gu bheil e a' tighinn orra cothromachadh a dhèanamh eadar tagraidhean airson chroitean ùra agus airson talamh a dhì-chroiteachadh.

Mhìnich Àrd-oifigear a' Choimisein, Gary Caimbeul: "Tha e mar dhleastanas oirnn mar bhuidheann-riaghlaidh beachdachadh air iarrtasan airson talamh a thoirt a-mach à croitearachd.

"Aig a' cheart àm tha uallach oirnn an gnìomhachas a chur air adhart agus tha sinn a' coileanadh sin le bhith a' ceadachadh chroitean ùra.

"Le bhith a' dèanamh sin tha sinn air na tha de thalamh croite a ghlèidheadh sna sgìrean croitearachd sna sia bliadhna mu dheireadh," thuirt e.