Naidheachdan 11:00m

Sochairean Sòisealta

Tha mì-thoileachas mòr ann taobh a-staigh a' Phàrtaidh Làbaraich mu phlanaichean an Riaghaltais aig Westminster gus atharrachadh a thoirt air siostam nan sochairean sòisealta. Tha dùil gum foillsich Rùnaire na h-Obrach agus nam Peinnseanan atharrachaidhean a-màireach 's ministearan ag ràdh nach eil gnothaichean mar a tha an-dràsta idir seasmhach. Thuirt Ministear Oifis na h-Alba, Kirsty NicNìll, gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur romhpa taic a thoirt dhaibhsan nach urrainn obrachadh, ach thuirt i gum feum rudeigin atharrachadh.

An Ucràin

Dhearbh an Kremlin gum bi còmhradh fòna ann eadar an Ceann-Suidhe Putin agus an Ceann-Suidhe Trump a-màireach. Tha dùil gun tèid bruidhinn air na molaidhean a th' ann airson fosadh anns an Ucràin. Bha an Ceann-Suidhe Trump air a ràdh roimhe seo gu bheil oifigich Ruiseannach agus Aimeireaganach air bruidhinn air mar as urrainnear talamh agus ionadan-cumhachd am meag eile a th' anns an Ucràin a roinn.

Macedonia a Tuath

Tha na h-ùghdarrasan ann am Macedonia a Tuath a' dèanamh rannsachaidh feuch an robh pàirt aig coirbteachd ri teine aig cluba-oidhche anns an deach 59 duine a mharbhadh. Bha iadsan a dh'fhuiling t-sàilleibh an teine uile eadar 14 agus 24 bliadhna de dh'aois. Tha cuid de dh'oifigich a bha an sàs ann a bhith a' toirt seachad cead 'son a' chluba am measg a' 15 duine a chaidh a chur an grèim.

ICT

Tha luchd-rianachd aig Caley Thistle Inbhir Nis air innse nach deach tairgse a dhèanamh airson a' chluba. Bha aig companaidhean chun an t-6mh là den Mhàrt gus tairgse a dhèanamh 's ged a bha ùidh gu leòr ann cha tàinig tairgse gu bith. Tha an luchd-rianachd ag ràdh nach eil e idir coltach a-niste gun tèid aca air a' chluba a reic, agus 's e ann am fìor staing air a shàilleibh.

Bàgh Neig

Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean air suas ri £10m a cheadachadh airson leasachaidhean taobh a' chidhe aig Bàgh Neig ann an Linne Chrombaigh. Tha cead foirmeil a dhìth fhathast ach thuirt HIE gun rachadh companaidhean ùra thàladh chun na làraich agus gun rachadh taic a chumail ri leasachaidhean air tuathan-gaoithe aig muir. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gu bheil i an dòchas gum piobraich seo barrachd obraichean agus barrachd chothroman anns an sgìre.

BAE Systems

Tha sgioba dealbhachaidh aig BAE Systems air Chluaidh air cùmhnant fhaighinn o Chabhlach Rìoghail Chanada. Tha planaichean ann gus 15 soithichean cogaidh a thogail stèidhichte air an Type 26 Frigate a thathas a' togail an-dràsta ann am Baile a' Ghobhainn. Tha dùil gun tèid a' chiad trì de na soithichean cogaidh a tha seo a thogail thall ann an Alba Nuadh.