Rùnaire na Slàinte am Beinn na Faoghla

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gun tèid coimhead ri heileacoptar a chleachdadh mar dhòigh gus dèiligeadh ri buaidh na seirbheis adhair ùir eadar Steòrnabhagh is Beinn na Faoghla air euslaintich is luchd-meidigeach.

Bha Rùnaire Slàinte na h-Alba, Niall Gray, ann am Beinn na Faoghla airson coinneachadh riuthasan air a bheil seo a' toirt buaidh gus na draghan aca a chluinntinn.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.