"Tha e gu math neo-àbhaisteach na beathaichean seo fhaicinn cho òg an seo"

Tha eòlaichean ag ràdh gu bheil feum air rannsachadh a thaobh mar a tha barrachd mhucan-mara, leumadairean agus peileagan a' tighinn air tìr air cladaichean na h-Alba.

Thàinig seo is figearan a' sealltainn àrdachaidh a h-uile bliadhna sna 30 bliadhna a chaidh seachad.

Tha Kathleen NicDhòmhnaill ag obair do Sgioba Theasairginn Bheathaichean Mara Bhreatainn san Eilean Sgitheanach.

Tha i ag ràdh gu bheil e soilleir gu bheil cùisean ag atharrachadh.