Bonn 100 bliadhna Inbhir Aora air nochdadh às ùr
Tha 100 bliadhna ann bho bhuannaich sgioba Inbhir Aora Cupa na Camanachd 'son a' chiad uair, clach-mhìle a bhios an cluba a' comharrachadh an ath-mhìos.
Am measg na bhios air a thaisbeanadh bidh bonn bhon là sin ann an 1925 a chaidh a lorg às ùr san sgìre anns na seachdainnean mu dheireadh.