"Rud gu math prìseil do sgìre Nis"

Fhuair muinntir Nis cothrom gugannan a cheannach às ùr Disathairne às dèidh dhan t-sealg a bhith ann 'son a' chiad turas bho 2021.

Bhathar gan reic 'son £35 aig Port Nis.

Thuirt an comhairliche ionadail Coinneach MacLeòid gur e "rud prìseil" a bh' ann gun d' fhuair Sgioba Shùlaisgeir cothrom a dhol a-mach am-bliadhna.