Mì-thoileachas fhathast mu chùram cabhagach Phort Rìgh

Tha NHS na Gàidhealtachd air dreuchdan a lìonadh aig Ospadal Phort Rìgh - a rèir Rùnaire na Slàinte, Niall Gray.

Thuirt Mgr Gray gum bi barrachd àrd-nursaichean (ANP) ann an àite ro dheireadh na bliadhna.

Ach, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris, chan eil luchd-iomairt slàinte air an dòigh fhathast.