Fòcas Taigh-staile na Hearadh air an àm ri teachd

Tha ceannardan Taigh-staile na Hearadh ag ràdh gu bheil iad airson fòcas a bhith aca air an àm ri teachd às dèidh bliadhna a tha air a bhith duilich dhan chompanaidh.

Thuirt Ron MacEachran, an t-Àrd-oifigear Ionmhais aca, gun robh e "pianail" cuid den luchd-obrach aca a chur às na dreuchdan aca nas tràithe am-bliadhna.