Leasachaidhean pàircean-cluiche
Tha obair a' dol airson leasachadh a dhèanamh air pàircean-cluiche air feadh na Gàidhealtachd agus cuid dhiubh ann am fìor dhroch staid.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd roimhe nach eil na tha sin de dh'airgead aca airson a bhith gan càradh.
Tha trì bliadhna ann bhon a ghabh a' choimhearsnachd ann an Ath Tharrachail smachd air a' phàirc acasan agus iad air iomadh buannachd fhaicinn bhon uairsin.
Tha Calum MacLeòid ag aithris.