Ceistean mu mhilleadh a rinn stoirm an Uig an-uiridh

Thuirt luchd-gnothachais ann an Ùig san Eilean Sgitheanach gu bheil iad an dùil ri aithisg an t-seachdain-sa a dh'innseas an e leasachadh a chaidh a dhèanamh air Cidhe Ùige bu choireach gun deach milleadh a dhèanamh air dà thogalach faisg air làimh ann an stoirm an-uiridh.

Seo agus ceistean a' leantainn mun chabhsair chun a' bhàt'-aiseig agus an tèid a chleachdadh gu bràth, an dèidh dha sin a bhith air a mhilleadh san aon stòirm.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.