100 bliadhna bho rugadh Finlay J

Thèid beatha an t-sàir-chraoladair, Fionnlagh Dòmhnallach, neo Finlay J, a chomharrachadh an t-seachdainn-sa.

Tha ceud bliadhna bho rugadh e anns na Hearadh.

Choisinn Finlay J cliù fad bhliadhnaichean mar phreasantair agus riochdaire aig a' BhBC - an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla.

Rinnear moladh air cuideachd airson a chuid sgrìobhaidh, air a bheil mòran eòlach chun an là an-diugh.

Tha Alasdair MacIllinnein air a bhith a' toirt sùil air ais air a' bheatha.