Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Chaidh co-dhiù còig daoine deug a mharbhadh ann an ionnsaigh Israel air ospadal Nasser ann an ceann a deas Ghàsa. Tha dùil gu bheil ceathrar luchd-naidheachd a bha ag obair do na meadhanan eadar-nàiseanta am measg nam marbh. Thuirt airm Israel gu bheil iad a' rannsachadh nan aithrisean, ach chan eil iad air sgath a ràdh mu cò no dè a bha na amas dhaibh leis an ionnsaigh.
Aoigheachd
Tha ceannardan ann an gnìomhachas na h-aoigheachd air rabhadh a thoirt seachad gur ann bhon roinn sin a tha an dàrna cuid de chall cosnadh air tighinn bhon bhuidseat mu dheireadh. Thuirt a' bhuidheann UK Hospitality gun deach 89,000 dhiubh a chall bhon t-Samhain an-uiridh. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' toirt leudachaidh air an fhaochadh air reitichean gnothachais agus gu bheil iad a' cur cuibhreachaidh air cìsean corporaid feuch cuideachadh a thoirt do ghnothachasan.
A9
Tha barail air nochdadh gum bu chòir bacaidhean a chur air daoine bho thall-thairis bho bhith a' draibheadh air rathaidean na h-Alba. Bha Chris Strong, a bhuinneas do na Stàitean Aonaichte, air a bhean, a mhàthair chèile agus a bhrathair chèile a chall ann an tubaist rathaid air an A9 san Lùnastal 2023. Tha dàil deich bliadhna air tighinn air an obair gus an A9 a dhèanamh dà-fhillte uileag, 's thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air £5m a chosg air sàbhailteachd an rathaid san eadar-ama.
Tubaist
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh fear motor-baidhsagail a mharbhadh ann an tubaist le càr an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh innse gun do dh'eug an duine, a bha 29, aig an làraich air an A97 faisg air Alford an-dè. Chaidh draibhear a' chàir, boireannach aois 28, agus tè, 56, a a bha a' siubhal cuide rithe a ghoirteachadh beagan.
Balgain-bhuachair
Thuirt an aona dhuine a mhair beò às dèidh dinneir san robh balgain-bhuachair puinnseanta gu bheil e a' toirt mathannas don bhoireannach a bh' air am biadh ullachadh. Chaidh bean Iain Wilkinson agus dithis dha charaidean a mharbhadh às dèidh dhaibh am biadh ithe. Chaidh Erin Patterson a dhìteadh ann an cùirt Astràlianach air casaidean muirt, 's thèid binn a chur oirre cola-deug bho an-diugh.