Draghan mu leasachadh turasachd

Nochd mu 120 duine aig coinneimh phoblaich ann an Inbhir Gharadh an-raoir agus dragh air mòran dhiubh mu phlana ionad-turasachd a thogail san sgìre.

Tha a' chompanaidh Black Sheep Management Services airson àite-amhairc a th' aca a leudachadh.

Chualas dragh aig a' choinneimh mu shàbhailteachd nan rathaidean, mun chron air an àrainneachd a dh'fhaodadh a bhith ann agus mun bhuaidh air an talla-choimhearsnachd a tha mar-thà na goireas do luchd-turais.

Tha Calum MacLeòid ag aithris.