Ath-leasachadh na mòintich an Leòdhas

Tha obair a' dol aig Urras Oighreachd Chàrlabhaigh air ath-leasachadh na mòintich gus sgilean ùra a thoirt do luchd-obrach agus cùmhnantaichean ionadail mar phàirt den phròiseact nàiseanta 'Peatland Action'.

Tha seo a' tachairt le taic bho NàdarAlba, Peatland Action, Urras Oighreachd Chàrlabhaigh agus Comann Ionaltraidh Bhreascleit agus iad air faisg air 30 neach a thrèanadh a bhios "eòlach air dè 's còir dhaibh a dhèanamh airson a bhith ag ath-leasachadh na mòintich".