Cìs-inntrigidh aig Tursachan Chalanais bho 2026
Bidh aig cuid ri phàigheadh gus Tursachan Chalanais an Leòdhas fhaicinn agus cìs ga stèidheachadh bhon ath bhliadhna.
Tha Arainneachd Eachdraidheal na h-Alba air cead fhaighinn bho mhinistearan an Riaghaltais Albannaich gus an leithid a chur an sàs.
Tha dòchas ann gum biodh e na chuideachadh ann a bhith a' dìon nan tursachan sna bliadhnaichean ri thighinn, mar a tha Stephen MacLeòid a-nise ag aithris.