Naidheachdan 11:00m
Dotairean teaghlaich
Tha àrdachadh air tighinn air an àireamh de dhotairean teaghlaich a tha ag obair an Alba sa bhliadhna mu dheireadh, a rèir na h-aithisg bliadhnail as ùire. Tha 138 a bharrachd dhiubh ann am-bliadhna, ach tha na h-aonaidhean ag ràdh gu bheil barrachd a dhìth gus dèiligeadh ri iarrtasan nan euslainteach. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa gum bi 800 a bharrachd dhiubh air fhastadh ro 2027.
Reform
Tha ceannard Reform air a bhith a' foillseachadh nam planaichean aige gus dèiligeadh ri inimreachas mì-laghail nan rachadh aig a' phartaidh san ath thaghadh choitcheann. Tha Nigel Farage air gealltainn gun rachadh cùl a chur ri Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna, gun rachadh cur às do dh'Achd nan Còirichean Daonna, 's nach gabhadh suim a chur ann an còrdaidhean eadar-nàiseanta an leithid cunnradh nam fògarrach.
Oileanaich à Gàsa
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air cead a thoirt do phlanaichean gus leigeil le mu 40 oileanach Pailistinianach an Gàsa tighinn chun na dùthcha seo air sgoilearachdan oilthighe. Tha dùil gu bheil oileanaich a tha airson a bhith nan dotairean agus nan tidsearan am measg na buidhne a tha feumach air cead bhon Riaghaltas Israelach gus Gàsa fhàgail.
Iomairt poilis na Astràilia
Tha na poilis ann an Astràilia a' sireadh fear a thathas an amharas a bha ri eucoirean feise agus a bh'air ionnsaigh ghunna a thoirt air dithis oifigearan poilis faisg air Melbourne agus a chaidh a mharbhadh. Chaidh sgoiltean a chur ann an lockdown agus chaidh iarraidh air muinntir an àite fuireach nan dachannan.
Atmhorachd
Tha an atmhorachd air prìsean bìdh air èirigh chun na h-ìre as àirde ann an 18 mìosan. Thuirt Comann Luchd-Reic Bhreatainn gun robh i aig 4.2% air a' mhìos seo an taca ri 4.0% san Iuchar.
Breith leanaban an Alba
Bha an àireamh de leanaban a rugadh an Alba an-uiridh aig an ìre as ìsle bho thòisichear a' clàradh ann an 1855. Sin a rèir Chlàraidhean Nàiseanta na h-Alba. Thuirt iad gun deach cha mhòr 46,000 leanabh ùr a chlàradh an-uiridh agus gur e lùghdachadh 0.3% a tha sin an taca ris a' bhliadhna roimhe sin. Tha 10 bliadhna ann a-niste bho rugadh barrachd phàistean na dh'eug an seo an Alba.