Naidheachdan 11:00m
Buidseat
Tha an Seansalair, Rachel Reeves, a' comharrachadh na h-uimhir de bhilleanan not de ghearraidhean ann an sochairean agus ann an roinnean eile an Riaghaltais mus foillsich i buidseat an Earraich. Cuiridh i na molaidhean dhan OBR - an oifis air a bheil uallach airson buidseit - an-diugh. Dh'innis feadhainn ann an Roinn an Ionmhais dhan BhBC gu bheil an saoghal air atharrachadh bho bha am buidseat mu dheireadh ann san Dàmhair.
Shona Robison
Dh'innis Rùnaire an Ionmhais, Shona Robison, gum fàg i a dreuchd mar bhall-pàrlamaid aig taghaidhean na h-Alba an ath-bhliadhna an dèidh 27 bliadhna mar bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba. Bha na h-uimhir de dhreuchdan aice san Riaghaltas san ùine sin, nam measg mar Leas-Phrìomh Mhinistear.
Dòmhnall Trump
Thuirt Dòmhnall Trump na chiad òraid anns a' Chòmhdhail an dèidh tilleadh mar cheann-suidhe nach eil obair an Riaghaltais aige "ach air tòiseachadh". Dhearbh e na cìsean taraif air Meagsago, Canada agus Sìona, agus leugh e litir bho Cheann-Suidhe Zelensky na h-Ucràin a' tabhainn tilleadh gu còmhraidhean sìthe.
Aois Fàgail na Sgoile
Tha Tòraidhean na h-Alba airson aois fàgail na sgoile an Alba ìsleachadh fo 16 bliadhna. Tha iad ag ràdh gum bu chòir cead a bhith aig cloinn an sgoil fhàgail aig 14 agus 15 bliadhna de dh'aois ma tha cothrom aca air cùrsa colaiste no preantasachd. Thuirt ceannard nan Tòraidhean, Russell Findlay, gum feumadh sin atharrachadh san lagh, ach gum biodh e a rèir lagha cosnaidh na Rìoghachd Aonaichte.
Mowi
Tha a' chompanaidh àrach-èisg Mowi a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an ionad-giollachd bìdh ann an Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach, agus air a' phrìomh mhuileann bìdh aca ann am Valsneset anns an Nirribhidh. Tha Mowi a' beachdachadh air am biodh e nas fheàrr dhaibh na h-ionadan sin a reic no an cumail. Tha mu 60 duine ag obair aig a' mhuilinn ann an Caol Àcainn.
An A96
Tha ball Tòraidheach na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Dùghlas Ros, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba clàr-ama a ghealltainn airson rathad an A96 a dhùblachadh. Togaidh Mgr Ros ceist aig Holyrood an-diugh mu bhuaidh eaconomaich dàil san sgeama.
Cataibh
Tha dragh air teaghlaichean ann an Cataibh mu bhuaidh chrìochan sgoile ùra air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sgoil mhòr ùr ga togail ann am Baile Dhubhthaich an-dràsta do chloinn eadar 3 agus 18 bliadhna de dh'aois, ach tha feadhainn ag ràdh gu bheil an sgìre sgoile a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh an sin ro chumhang agus gun caill cuid an cothrom air foghlam Gàidhlig.