Naidheachdan 11:00m

Gàsa

Tha aithrisean ann gu bheil Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, David Lammy, a' dol a dhèanamh aithris anns na Cumantan an-diugh fhathast air am bu chòir do Bhreatainn stàit Phailistinianach aithneachadh. Tha ìmpidh mhòr a-nis air ministearan bho chuid de bhuill-phàrlamaid Làbarach gabhail ri stàit Phailistinianaich. Tha Israel air ionnsaigh bhon adhar agus air an talamh a chur air chois ann am meadhan Ghàsa. Bha na h-Israelich air iarraidh air daoine teicheadh às an sgìre 's tha aithrisean bho luchd-naidheachd ionadail gu bheil tancaichean a' dol a-steach do bhaile Deir al-Balah.

Bùth mhòr

Tha dòchas gum faodadh companaidh bhùithdean bùth mhòr ùr a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach. Dh'innis Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre - an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis - gu bheil i ann an conaltradh le companaidh bhùithdean mun leithid. Tha gearainnean air a bhith ann bho chionn greis nach eil bùithdean mòra bìdhe anns an Eilean ach an fheadhainn a th' aig a' Cho-op.

Peinnseanan

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ath-stèidheachadh Coimisean nam Peinnseanan, 's eagal orra cho beag 's a tha de dhaoine òga a' sàbhaladh airson peinnsean a bhith aca. Fhuair rannsachadh a rinn Roinn na h-Obrach 's nam Peinnseanan gu bheil faisg air dàrna leth luchd-obrach nach eil a' dèanamh ullachadh sam bith ach peinnsean na Stàite. Mura tèid sin atharrachadh, tha an Riaghaltas ag ràdh, bidh daoine a leigeas dhiubh an deuchd ann an 2050 tòrr nas miosa dheth na tha peinnseanairan an-diugh.

Cùram-chloinne

Tha ceistean às ùr ann mu dhìth cùraim-chloinne anns na h-eileanan. Ghearain pàrantan ann an Sgìr' Ùig' ann an Leòdhas gu bheil e doirbh do dhaoine an sin cosnadh a dhèanamh ceart ri linn dìth dhaoine a choimheadas às dèidh na cloinne dhaibh. Thuirt comhairle coimhearsnachd na sgìre nach eil cùram-là sam bith ri fhaighinn do chloinn fo dhà bhliadhna a dh'aois. Tha iad ag ràdh gu bheil iad gu tur an crochadh air taic bho theaghlaichean, nàbaidhean agus pàrantan eile.

Baile Mac Ara

Tha buidheann ann an Loch Aillse a-nis air £1m a thrusadh airson seann talla-choimhearsnachd ann am Baile Mac Ara a leasachadh. Fhuair Urras Coimhearsnachd Bhaile Mac Ara faisg air £150,000 bhon Chrannchur Nàiseanta airson Seann Talla a' Mhuilinn ath-bheothachadh, tha sin a' toirt na thrus iad à diofar àiteachan gu £1m.