Gealltanas ga shireadh air riochdachadh eileanach

Nochd iarrtas gum biodh gealltanas ann am manifestothan nam pàrtaidhean poileataigeach gum biodh àite air a ghealltainn do dh'eileanaich air bùird-stiùiridh nam buidhnean poblach an leithid CalMac agus HIAL.

Bha Fearghas Ewing a' bruidhinn is dùil ri manifestothan 'son an taghaidh a bhios aig Holyrood an ath-bhliadhna.

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.