Leasachadh dha òigridh san amharc aig Fèisean nan Gàidheal

Tha ceannard ùr Fèisean nan Gàidheal ag ràdh gu bheil e air a dhòigh leis a' chothrom is gu bheil leasachaidhean san amharc aige.

Dhearbh a' bhuidheann nas tràithe air a' mhìos gun tòisich Calum Ailig Mac a' Mhaoilein san obair san Ògmhios.

Tha Calum Ailig a' dol an àite Art MhicCarmaig, a dh'innis sa Mhàrt gum biodh e a' fàgail na h-obrach às dèidh cha mhor 33 bliadhna aig stiùir na buidhne is e air leasachadadh mòr a thoirt air Fèisean nan Gàidheal san àm sin.

Tha Calum Ailig Mac a' Mhaoilein fhèin air a bhith ag obair aig Fèisean nan Gàidheal fad 18 bliadhna.

"Bidh ionndrainn mhòr air Art agus 's e atharrachadh mòr a bhios ann gu bheil e air falbh," thuirt Calum Ailig.

"Tha mi a' coimhead air adhart ris. Tha sgioba uabhasach math aig Fèisean nan Gàidheal is fèisean làidir anns na coimhearsnachdan.

"An t-amas a bhios againn an-còmhnaidh 's e taic a chumail riuthasan agus feuchainn ri leudachadh is leasachadh chothroman do dh'òigridh.

"Bidh sinn cuideachd a' feuchainn ri barrachd a dhèanamh le sgoiltean is tro fhoghlam Gàidhlig is ionnsachadh Gàidhlig ann an sgoiltean air feadh Alba.

"Leasachadh agus feuchainn ri barrachd taice a chumail ri òigridh a bhith a' dol an sàs anns na h-ealain Ghàidhlig."