Naidheachdan 11:00m
Am Pàpa Leo XIV
Tha am Pàpa Leo XIV os cionn aifreann còmhla ris na càirdinealan aig a' Bhatacan an dèidh a thagadh an-dè. 'S e a' chiad cheannard air an Eaglais Chaitligich às na Stàitean Aonaichte. Thuirt e gum bi e dìleas dhan chreideamh Chaitligeach agus gu bheil e an dòchas gun dèan an eaglais solas ann an dorchadas an t-saoghail.
An Ruis
Rinn an Ceann-suidhe Putin samhla eadar an cogadh san Ucràin agus buaidh an aghaidh na Gearmailt Nàsaich. Bha esan a' bruidhinn aig caismeachd an airm ann am Mosco a' comharrachadh 80 bho sguir an Dàrna Cogadh. Thuirt e gu bheil saighdearan Ruiseanach an là an-diugh a' cur dìon air an dùthaich san aon dòigh. Tha feadhainn à Sìona agus Brasil am measg còrr 's 20 de cheannardan an t-saoghail a th' ann am Mosco.
Aonta
Tha ministearan riaghaltais ag ràdh gun do shabhail an t-aonta malairt leis na Stàitean Aonaichte mìltean chosnaidhean ann an gnìomhachas nan càraichean. Thèid an taraif Aimeireaganach air càraichean Breatannach a ghearradh bho 25% gu 10% agus chaidh cur às gu lèir dhan taraif air stàilinn agus alùmanum. Thuirt na Tòraidhean gu bheil earrannan math san aonta ach nach eil e a' dol fada gu leòr.
Craobh
Chaidh dithis a dhìteadh sa chùirt ann an Newcastle an-diugh fo chasaid gur iad a gheàrr sìos a' chraobh ainmeil Sycamore Gap ann an Northumberland. Fhuair diùraidh Daniel Graham agus Adam Carruthers ciontach fo chasaid gun do leag iad a' chraobh faisg air Balla Hadrian san t-Sultainn ann an 2023.
Drochaid
Tha drochaid ùr a' fosgladh air Abhainn Chluaidh an-diugh. Fosglaidh an drochaid eadar Rinn Friù agus an An Eochair do thrafaig aig meadhan-là. 'S i a' chiad dhrochaid ùr air an abhainn bho chionn faisg air 20 bliadhna.