Atharrachadh mòr air structar Eaglais na h-Alba an Leòdhas

Thig atharrachadh mòr air structar Eaglais na h-Alba ann an Leòdhas.

Fo phlana a chaidh aontachadh an t-seachdain seo, thèid trì co-thionalan dùthchail a chur còmhl ri co-thionalan Steòrnabhaigh.

Thèid coig co-thionalan eile a cheangal còmhladh ann an dà bhuidhinn.

Fàgaidh seo nach bi ministear fa leth aig co-thionalan sam bith ach a-mhàin ann an Steòrnabhagh.

Tha tuilleadh aig Ailig John Moireasdan.