Àrdachadh gach bliadhna air na thig air tir de mhamalam mara an Alba

Tha saor-thoilich a' fuasgladh ròpannan san robh muc-mhara a thàinig air tìr ann an Ratharsair an sàs
- Air fhoillseachadh
Tha rannsachadh ùr a' sealltainn gun tàinig barrachd mhucan-mara, leumadairean agus peileagan air tìr air cladaichean na h-Alba a h-uile bliadhna sna 30 bliadhna a chaidh seachad.
Tha an àireamh de na creatairean mara a ghrunnaich air èirigh bho mu 100 sa bhliadhna gu còrr agus 300 san ùine sin.
Tha an luchd-saidheans aig Oilthigh Ghlaschu ag ràdh gum faodadh gur e truailleadh fuaime agus stuth ceimigeach is plastaig san uisge a tha ga adhbharachadh gu ìre.
Fhuair iad gur ann air costaichean eileanan taobh siar na dùthcha agus uisgeachan Fhoirthe agus Thatha air an taobh sear a bu mhotha a thàinig na beathaichean mara air tìr.
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar 2023
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar 2023
A rèir nan àireamhan a chruinnich Sgeama Albannach Grunnachadh nam Mamalan Mara (SMASS) eadar 1992 agus 2022, thàinig 5,147 beathaichean air tìr.
'S e peileagan-coitcheann a bha ann an còrr air an dàrna leth de na beathaichean a thàinig air tìr - 2,676 - agus bha 1,217 cùisean san robh leumadairean-fairgeach an sàs.
Thàinig 494 de leumaidairean-coitcheann agus 479 de mhucan-mara baleen air tìr ann an 30 bliadhna, a rèir an rannsachaidh.
Thuirt an luchd-saidheans gur e a bu motha a bha na chunnart do na mamalan crìonadh ann an stocan èisg, truailleadh fuaime agus a bhith a' dol nan caglachan ann an uidheamachd iasgaich.
Am measg nan cunnartan eile, bha blàthachadh na mara agus truailleadh ceimigeach agus plastaig.

Daoine a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh air mucan-mara pìleat a ghrunnaich ann an Eanstair am Fìobha ann an 2012
Thuirt Rachel Lennon, prìomh ùghdar na h-aithisg agus rannsaiche PhD aig Oilthigh Ghlaschu: "Thathar ag aithneachadh gur e cunnart mòr a th' ann an do mhamalan-mara ma thèid an glacadh an uidheamachd iasgaich, gu sònraichte do mhucan-mara baleen ann an Alba.
"Mar a tha àireamhan a' fàs an dèidh buaidh sealg nam mucan-mara, tha sinn a' faighinn barrachd aithrisean gu bheil beathaichean a' dol an lùib lìontan."
Tha co-obrachadh eadar buidhnean-glèidhteachais, sgiobaidhean-cobhair agus iasgairean a' feuchainn ri modhan-obrach a chur air adhart airson cùisean caglachain a sheachnadh agus mar as fheàrr a thèid dèiligeadh riutha.
Tha an Dr Anndra Brownlow, bho SMASS, ag ràdh gum faod fianais chudromach mu cho fallainn 's a tha na h-uisgeachan againn a bhith an cois na bhios de bheathaichean mara a thig air tìr.
"Tha na creatairean seo mar fhreiceadairean na fairge, agus ma dh'fhaoidte gu bheil àrdachadh sna tha ann dhiubh a tha a' grunnachadh na rabhadh dhuinn gu bheil àrainneachd na mara ag atharrachadh," thuirt e.