Taigh Sgoile na Drochaide ann an Alba Nuadh a' dol am meud

Tha bliadhna chudromach air a bhith ann don Ghàidhlig ann an Alba Nuadh agus an aon sgoil Ghàidhlig an sin air a dhol am meud.

Tha àrdachadh san àireamh sgoilearan a' ciallachadh gu bheil a-nis dà chlas ann an Taigh Sgoile na Drochaide agus iad cuideachd air tidsear eile fhastadh, gam fàgail a-nis le dithis a' teagasg san sgoil.

Tha planaichean aca cuideachd gus cròileagan a thòiseachadh aig làrach na sgoile ann am Mabu an Ceap Bhreatainn.

Tha Calum MacLeòid ag aithris.