Charing Cross
Chaidh plana luach £2.5m aontachadh gus cruth atharrachadh a thoirt air sgìre Charing Cross ann an Glaschu.
Mar phàirt de na planaichean tha dùil gun tèid drochaid thar an M8 a leagail agus gun tèid dachaighean ùra, àitichean-fuirich dha oileanaich agus taighean-òsta a thogail air an làraich mu thimcheall stèisean-rèile Charing Cross.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicIomhair.