Naidheachdan 11:00m

Lisbon

Tha dearbhadh ann a-niste gun do chaill 17 duine am beatha ann an tubaist ann an Lisbon, prìomh bhaile Phortugail. Chaidh còrr is 20 eile a ghoirteachadh nuair a dh'fhalbh carbad far rèile funicular. Tha sgrùdadh sàbhailteachd ga dhèanamh air trì eile de na loidhnichean rèile den t-seòrsa sin a th' ann an Lisbon.

Angela Rayner

Thuirt an Seansalair, Rachel Reeves, gu bheil làn earbsa aice anns an Leas-Phrìomhaire Angela Rayner, a tha fo rannsachadh an dèidh aideachadh nach do phàigh i uimhir 's a bu chòir de chìs an stampa air flat a cheannaich i. Thuirt Angela Rayner gun do ghabh i droch chomhairle nuair a cheannaich i am flat, agus gun tug i a' chùis gu aire comhairle neo-eisimeileach eitigeach an Riaghaltais.

Neo-eisimeileachd

Dh'iarr am Prìomh Mhinster, John Swinney, a-rithist air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead a thoirt dhan dàrna referendum air neo-eisimeileachd. Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba pàipear an-diugh sa bheil an t-iarrtas sin. Thuirt Mgr Swinney ron seo gur e mandate airson referendum eile a bhiodh ann am mòr-chuid dhan SNP aig taghadh Holyrood an ath-bhliadhna.

Liverpool

Chaidh fear mu choinneimh na cùirte an-diugh le ceangal bhideo às a' phrìosan fo chasaidean gun tug e ionnsaigh le càr air sluagh ann an Liverpool anns a' Chèitean. Chaidh còrr is 130 duine a ghoirteachadh nuair a bhuail càr annta aig paraid cluba ball-coise Liverpool goirid an dèidh tìotal a' Phrìomh Lìog a ghlèidheadh. Chaidh Paul Doyle, a tha 53 bliadhna de dh'aois, às àicheadh còrr is 30 casaid.

Gàsa

Chan eil Israel a' gabhail idir ri aithris bho Hamas a tha ag ràdh gu bheil a' bhuidheann deiseil airson aonta fon tigeadh an cogadh ann an Gàsa gu ceann agus a bheireadh saorsa do dh'Israelich a tha am bruid agus do phrìosanaich Phailistinianach. Thuirt oifis a' Phrìomhaire Israelich nach eil dad ùr san aithris.

Comhairle Baile Ghlaschu

Tha Coimisean nan Cunntasan a' togail cheistean mun dòigh anns an do chuir còignear àrd-oifigeach aig Comhairle Baile Ghlaschu air dòigh am pasgan fhèin airson an dreuchd fhàgail. Tha dragh air a' Choimisean mu chion sgrùdaidh neo-eisimeilich air a' chùis. Thuirt fear-labhairt dhan Chomhairle gu bheil iad air gluasad mar thà gu ruige sgrùdadh nas fheàrr.