Naidheachdan 11:00m

Brexit

Tha am Prìomh Mhinistear, John Swinney, a' dèanamh òraid ann an Glaschu a' sireadh taice do dh'iomairt airson cur às de Bhrexit. Tha Mgr Swinney a' cumail a-mach gur i an Rìoghachd Aonaichte gu lèir a' tilleadh dhan Aonadh Eòrpach as fheàrr do dh'Alba, agus tha e ag iarraidh smachd do Holyrood air cead-bhìosa do dh'oileanaich eadar-nàiseanta a cheumnaicheas an Alba mu choinneimh na trioblaid le cion Albannach aig aois obrach.

Eaconomaidh Bhreatainn

Dh'innis an Seansalair, Rachel Reeves, do dh'Fhòram Eaconomach na Cruinne ann an Davos anns an Eilbheis gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air an t-slighe suas agus thug i rabhadh do luchd-tasgaidh gum feum iad brath a ghabhail air a' chothrom sin. Chuir Ms Reeves dìon cuideachd air mar a tha i a' làimhseachadh airgid a' phobaill an dèidh nam figearan an-diugh a sheall gun do dh'èirich suim-iasaid an Riaghaltais gu faisg air £18bn san Dùbhlachd.

Bogha-croise

Nochd fear a tha fo chasaid gun do mhuirt e màthair agus dithis nigheanan le bogha-croise agus sgian ann am Bushey ann an Hertforshide sa chùirt ann an Cambridge an-diugh. Bha Kyle Clifford, a tha 26 bliadhna de dh'aois, a' dol às àicheadh, ach dh'aidich e an-diugh gur e a mhuirt Carol Hunt agus a dithis nigheanan, Hannah Hunt agus Louise Hunt. B' iadsan bean agus nigheanan John Hunt a bhios ag aithris air rèiseadh each air a' BhBC.

Sgeinean

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur riaghailtean nas cruaidhe air ceannach sgeinean air-loidhne ann an Sasainn 's anns a' Chuimrigh an dèidh murt Southport an-uiridh. Cha robh am fear a rinn am murt, Axel Rudakabana, ach 17 nuair a cheannaich e sgian leis an do mharbh e triùir nigheanan òga.

Slàinte sna h-Eileanan Siar

Chaidh gearan mun ùine 's cosgais air euslaintich à ceann a deas nan Eilean Siar a dh'fheumas siubhal a Steòrnabhagh airson cùraim. Tha fear de chomhairlichean Bharraigh agus Bhatarsaigh, Coinneach Mac'IllEathain, ag ràdh nach eil feallsanachd an NHS gum biodh cùram an asgaidh idir follaiseach sna sgìrean sin agus thuirt e gum biodh e na 's fhasa do mhòran siubhal a Ghlaschu.

Sochairean

Chaidh maoidheadh air feadhainn nach pàigh air ais airgead shochairean a fhuair iad le foill gun caill iad cead-dràibhidh airson suas ri dà bhliadhna. Thèid am bile sin mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Westminster an-diugh.

Ceasag a Tuath

Tha deasbad aig Comhairle na Gàidhealtachd mu phlana air 'son goireasan chàraichean dealain, bùth agus aite-bìdh ann an Ceasag a Tuath. Chosgadh an leasachadh aig a' bhuidhinn West Coast Estates £6m agus dh'fhaodadh còrr 's 100 cosnadh a bhith ann. Ach tha cuid anns an sgìre a' cur na aghaidh.