Sgrìob tro na bliadhnaichean air a' Bhac

Dealbh de chuid de na daoine a bhios a' gabhail pàirt sa chluba gach Diciadain agus iad nan seasamh taobh a-muigh an togalaIch a bhios iad a' cleachdadh airson coinneachadh. Tha là math ann 's an adhar gorm. Tha gach neach a' coimhead uabhasach toilichte. Tùs an deilbh, Comann Eachdraidh Sgìre a' Bhac
Fo-thiotal an deilbh,

Cuid de na daoine a bhios a' gabhail pàirt sa chluba gach Diciadain

  • Air fhoillseachadh

Tha Comann Eachdraidh Sgìre a' Bhac air a bhith trang a' cur diofar thachartasan air dòigh gus muinntir na sgìre a thoirt còmhla.

Nam measg, tha cluba a bhios a' coinneachadh gach Diciadain gus coimhead tro sheann dealbhan is bhidiothan às an sgìre.

Bidh iad a' faighinn cothrom fiosrachadh a roinn mu cò na daoine a tha anns na dealbhan agus tha sin cuideachd na thaic mhòr dhan Chomann Eachdraidh agus iad a' cumail notaichean airson na tasglainn aca fhèin.

Chaidh mi fhèin shìos a choinneachadh riutha gus cothrom a ghabhail faicinn na bha a' dol 's abair gun do chòrd mo thuras glan rium.

Bha e furasta fhaicinn gu bheil an cluba a tha seo a' tarraing aire dhaoine sa choimhearsnachd agus a' phàirce-chàraichean loma-làn.

Triùir a bha an làthair aig an tachartas Diciadain agus iad nan seasamh còmhla, gàire mhòr air an aodainnean agus coltas air leth toilichte orra.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha coltach gu bheil Cluba Diciadain a' còrdadh gu mòr ri na bhios a' dol ann 's iad a' faighinn togail às

"Tha sinn a' coinneachadh daoine nach biodh sinn a' coinneachadh idir mura biodh sinn a' tighinn ann. 'S e sin càil as fheàrr dheth," dh'innis Anna NicFhionghain dhomh.

Tha e follaiseach bho bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bha an làthair gu bheil an cluba a' còrdadh riutha gu mòr 's gu bheil daoine a' faighinn feum às.

Tha cuid air dealbhan fhaicinn airson a' chiad trup 's iad ag aithneachadh dhaoine bho an teaghlaichean, feadhainn nach maireann.

Fhad 's a bha mi fhèin ann, thàinig fear tarsainn air dealbh de a sheanmhair nach robh e air fhaicinn roimhe.

Seann dealbh de chuideigin ann an dubh is geal. Tùs an deilbh, Dòmhnall Uilleam Stiùbhart
Fo-thiotal an deilbh,

Fear dhe na dealbhan air an robh a' bhuidheann a' coimhead an t-seachdain seo

Tha cuid dhe na dealbhan le ainmean no far-ainmean sgrìobhte air an cùl - 's tha sin uaireannan na chuideachadh a thaobh a bhith ag obrachadh a-mach cò dìreach iad no cò ris a bhuineadh iad, fiù' s dè an taigh anns an robh iad a' fuireach.

Bha iad cuideachd a' bruidhinn air cho annasach 's a tha e faicinn mar a tha daoine fhathast a' coimhead cho coltach ri càch a chèile fiù 's ged a tha ginealaichean air a dhol eatorra.

Thuirt Jane NicDhaibhidh, Oifigear Leasachaidh a' Chomainn: "Tha a' bhuidheann a bhios a' cruinneachadh gach Diciadain sònraichte do dhaoine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh na sgìre, agus aig a' cheart àm tha e na dheagh thaic an aghaidh aonaranachd.

"Tha na seiseanan uile gan cumail sa Ghàidhlig agus bidh sinn a' coimhead ri seann dealbhan is bhidiothan gus am fiosrachadh anns an tasglann againn a neartachadh.

"Leis gu bheil a' bhuidheann a' sìor fhàs, tha sinn a-nise a' sireadh àite nas motha."

Dealbh a' sealltainn triùir dhaoine nan suidhe timcheall air bòrd agus iad a' coimhead seann dealbhan air sgrion mhòr agus a' còmhradh mun deidhinn.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còmhradh gu leòr a' dol mu cò am fear a bha seo san dealbh agus dè an obair a bh' aige

Tha buidhnean mar seo a' nochdadh air feadh na dùthcha agus tha a h-uile coltas ann gu bheil feum mòr annta.

Chan ann dìreach a thaobh fiosrachadh agus ainmean nan daoine fhaighinn bho na seann dealbhan a tha seo, ach a thaobh slàinte-inntinn dhaoine aig àm nuair a tha cuid a' strì 's gun iad a' faicinn mòran dhaoine - gu h-àraid seach mar a bha.

Chan eil teagamh ann gu bheil Cluba Diciadain air leth feumail don Chomann Eachdraidh agus iad a' faighinn fiosrachaidh shònraichte.

Tha e soilleir gu bheil e a' cheart gu cudromach do chuid den fheadhainn a thèid ann.

Mar a thuirt Mal MacLeòid: "Bhiodh sinne ag ionndrainn madainn Diciadain mura biodh e ann."