Naidheachdan 11:00m

Angela Rayner

Tha tuilleadh cudeim air Angela Rayner an dèidh dhan chompanaidh a thug cuideachadh laghail dhi a' ceannach flat innse nach tug iad comhairle oirre mu chìsean. Tha an Leas-Phriomh Mhinistear, a tha cuideachd na Rùnaire airson Taigheadais, air aideachadh nach do phàigh i na bu chòir ann ann cìs-stampa. Tha comhairliche neo-eisimeileach a' Phrìomhaire air cùisean eitigeach, Sir Laurie Magnus, ag ullachadh aithisg air a' chùis agus tha coltas gum faodadh esan sin fhoillseachadh an-diugh fhathast.

Portugal

Thuirt polais ann am Portugal gun robh triùir à Breatainn am measg na chaill am beatha ann an tubaist air rèidhle funicular a' bhòn-dè. Chaidh sia duine deug a mharbhadh agus còrr is 20 a ghoirteachadh nuair a dh'fhalbh carbad far na rèidhle ann an Lisbon feasgar Diciadain.

Babcock

Tha làn dùil gum faigh gàrradh Babcock aig Ros Fhìobha cùmhant còrr is £1bn airson ceithir bàtaichean cogaidh a thogail dhan Danmhairg. Tha Babcock cuideachd sa chuairt mu dheireadh den tagradh airson suas ri seachd soithichean do chabhlach na Suaine.

An Ucràin

Thuirt Ceann-suidhe na Ruis gum biodh làn chòir aig feachdan Ruiseanach ionnsaigh a thoirt air saighdearan à dùthchannan an taobh siar nam biodh iad sin san Ucràin a' glèidheadh na sìthe. Thuirt Vladimir Putin nach eil e a' faicinn adhbhair carson a bhiodh feachdan bhon iar san Ucràin nam b' e agus gum biodh aonta a chuireadh stad air a' chogadh.

Nadine Dorries

Thuirt Nadine Dorries, a dh'fhàg na Tòraidhean agus a ghluais gu Reform UK, gu bheil an t-seann phartaidh aice "marbh". Thuirt Ms Dorries, a bha na Rùnaire Cultair aig Boris Johnson, gur e Nigel Farage an aon duine aig a bheil freagairt do na tha a dhìth air an Rìoghachd Aonaichte. Tha co-labhairt bhliadhnail Reform UK a' tòiseachadh ann am Birmingham an-diugh.

Tesco

Tha plana aig Tesco airson bùth agus stèisean connaidh ann am Port Rìgh. Tha gearan air a bhith ann bho chionn fhada nach eil farpais aig a' Cho-op san Eilean Sgitheanach. Bidh coinneamhan fiosrachaidh mun phlana ann am Port Rìgh agus san Àth Leathann ro dheireadh na mìos.