Teagamhan mu chìs turasachd
Tha plana airson cìs turasachd a thoirt a steach ann an Earra Ghàidheal is Bhòid air draghan susbainteach a dhùsgadh ann am Muile.
Nam measg tha gun cuir seo bacadh air daoine a bhi tadhal air an eilean, gum bi aig feadhainn a tha tighinn a' Mhuile a dh'obair ri pàigheadh, agus nach tèid an t-airgead a thogas air an eilean a chosg air an eilean.
Ni Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid co-dhunadh an ath mhìos an tèid co-chomhairleachadh poblach a chumail air a chùis.
Seo Seonaidh MacCoinnich.