"'S e buille chruaidh a th' ann dhan choimhearsnachd"

Taigh-staile na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Bheir mar a dh'innis Taigh-staile na Hearadh gu bheil call-cosnaidh air fàire ann an oidhirp an gnothachas a shàbhaladh buaidh air feadh na coimhearsnachd anns na Hearadh, a rèir fhear de chomhairlichean an eilein.

Tha an taigh-staile a' gearradh air ais air na tha iad a' dèanamh de dheoch-làidir agus a' lùghdachadh an luchd-obrach a th' aca, agus a' mhargaidh air fàs dùbhlanach, tha iad ag ràdh.

Thàinig an naidheachd sin Dimàirt mar chlach às an adhar anns na Hearadh.

Cha robh an taigh-staile fosgailte do luchd-tadhail is coinneamh shònraichte ann eadar luchd-stiùiridh is luchd-obrach.

Chaidh innse aig a' choinneimh sin gum feum a' chompanaidh àireamh an luchd-obrach a ghearradh is lùghdachadh a thoirt air na tha iad a' dèanamh de dh'uisge-bheatha is gin.

"Co-dhùnaidhean doirbh"

Thuirt àrd-stiùiriche na companaidh, Simon Erlanger, gum feum iad co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gum bi iad maireann san àm ri teachd.

Thuirt Mgr Erlanger gu bheil duilgheadasan a tha a' bualadh air gnìomhachas an uisge-bheatha gu h-eadar-nàiseanta a' toirt buaidh air Taigh-staile na Hearadh.

Tha 50 duine ag obair aig an taigh-staile an-dràsta, ach chan eil fhios cia mheud dhiubh a dh'fhalbhas.

Tha fios ge-tà, gum faigh luchd-obrach an cothrom fàgail len toil fhèin sa chiad dol a-mach, ach gum bi feadhainn ann a chailleas cosnadh an aghaidh an toil mura tèid sàbhalaidhean a dhèanamh.

Tha a' chompanaidh fhèin ag ràdh gur e ath-structuradh a tha iad a' dol a dhèanamh, airson dèanamh cinnteach gun cùm an t-àite a' dol.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Catalyst"

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad air £20m a chur a-steach a dh'eaconamaidh na Hearadh bho thòisich iad is iad air mòran chosnaidhean a chruthachadh.

Tha dragh mòr mar sin mun bhuaidh a bheir an suidheachadh seo air a' choimhearsnachd.

"Chan e a-mhàin anns na Hearadh. Tha luchd-obrach fiù 's à Leòdhas a' tighinn sìos a dh'obair anns na Hearadh", thuirt fear de chomhairlichean na Hearadh, Coinneach MacLeòid.

"'S e obraichean math a bh' ann. Bha iad air an deagh phàigheadh, bha iad làn-thìde.

"Agus tha e air tòrr chothroman a thoirt do dh'òigridh fuireach anns na h-eileanan no fiù 's gluasad air ais, taighean a chur air chois agus freumhan a chur sìos.

"Tha seo gu bhith na bhuille mhòir, ge b' e cò chailleas an obair.

"Tha an taigh-staile air a bhith na chatalyst airson gnìomhachas anns na Hearadh air fad.

"Chan e a-mhàin an t-airgead a tha iad fhèin a' toirt a-steach, ach tha obraichean eile air leudachadh a thaobh na h-obrach a tha iadsan a' dèanamh", thuirt e.

"Briseadh-dùil mòr"

Ann am brath feasgar Diciadain thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e Taigh-staile na Hearadh tè de na companaidhean as aithnichte anns na h-eileanan is gur e "briseadh-dùil mòr" a th' ann gun tèid cosnaidhean a chall.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum bi còmhraidhean aca leis a' chompanaidh.

"'S e am prìomhachas a th' againn an luchd-obrach agus an teaghlaichean", thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar Pòl Steele.

"Bidh còmhraidhean againn leotha is cuiridh sinn taic ri fuasgladh sam bith gus luchd-obrach a chumail is an gnothachas a neartachadh.

"Tha e cudromach gum faigh sinn tuigse air gnothaichean bhon taobh a-muigh a tha air buaidh a thoirt air an t-suidheachadh.

"Bruidhnnidh sinn cuideachd ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte is Riaghaltas na h-Alba", thuirt e.