Dearbhadh gun caill daoine obair aig Taigh-Staile na Hearadh

Taigh-Staile na HearadhTùs an deilbh, TAIGH-STAILE NA HEARADH
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Taigh-Staile na Hearadh gun tèid cuid den luchd-obrach aca a chur às an dreuchd agus gun tòisich iad air nas lugha deoch-làidir a dhèanamh airson an gnìomhachas a shàbhaladh.

Tha mu 50 duine ag obair dhan ghnìomhachas air an Tairbeart a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil bho chionn deich bliadhna.

Chan eil fhios, ge-tà, cia mheud de na h-obraichean sin a tha ann an cunnart.

Thuirt iad gur e àm dùbhlanach ann an gnìomhachas na dibhe a th' ann agus nach robh dol às aca ach co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh.

Thuirt Àrd-Stiùiriche Taigh-Staile na Hearadh, Simon Erlanger: "Airson a bhith a' dèanamh cinnteach gun cùm an gnìomhachas a' dol, tha sinn an-diugh a' toirt cruth-atharrachadh air a bheir lùghdachadh air na thathas a' dèanamh agus na tha a' cosnadh aig an taigh-staile."

Tha iad ag ràdh gum faigh an luchd-obrach sa chiad dol a-mach cothrom falbh le an toil fhèin ach gum bi aca ri cuid a chur às an dreuchd an aghaidh an toil mura dèan iad na gearraidhean a dh'fheumas iad.

Thuirt Mgr Erlanger: "Tha sinn air leth duilich a bhith san t-suidheachadh seo agus bu mhath leam taing mhòr a thoirt dhan sgioba air fad, gu h-àraidh an fheadhainn air an toir an t-atharrachadh seo buaidh, airson an cuid dealasachd agus saothrach."

Thuirt e gun do chuir Taigh-Staile na Hearadh còrr is £20m ri eaconamaidh an eilein.

"Tha sinn fhathast airson cumail ris an fheallsanachd a bh' againn bho thùs gnìomhachas seasmhach a stèidheachadh a chumas taic ris a' choimhearnsachd airson nam bliadhnaichean mòra ri thighinn.

"Feumaidh sinn na ceumanan duilich seo a ghabhail an-dràsta arison an t-amas sin a choileanadh," thuirt e.